a' chiad chòmhradh

 Beathag: Uill... aig toiseach gnothaich, saoilidh mi gum b'fhiach dhuinn bhruidhinn mu dheidhinn a' bhlog seo. Tha mi den bheachd gum bi e nas fheumaile dhomsa! Tha deagh Ghàidhlig agaibhse a cheana. Tha mise coltach ris a' bhalaiste anns a' bhàta!

 Cam: Obh, chan eil, a charaid. Cha chreid mi nach eil sgioba triùir ann anns a' bhàta seo. Tha neach-ionnsachaidh ùr a th'annad (gu dearbh, tha sinn uile 'nar luchd-ionnsachaidh), ach tha thusa ag ionnsachadh gu luath. Cùin' a thòisich thu Gàidhlig ionnsachadh agus carson?

 Beathag:  'S e bàta math a th'ann an seo, nach e? Chan eil aoidean ann fhathast -- agus tha i a' seòladh gu math...

Tha mi air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig fad ceithir mìosan, a Cham. Carson? 'S e ceist inntinneach a th'innte! A dh'innse na fìrinn, tha mi a' smaoineachadh gun robh mi beagan an-fhoiseil... Bha an tràchdas agam crìochnaichte agus cheumnaich mi bhon oilthigh. Agus cha robh mo mhac na naoidhean tuilleadh 's mar sin chuir mi romham beagan Gàidhlig ionnsachadh. Bha mi airson rudeigin ùr ionnsachadh.


 Ru-ra: An ann ach fad ceithir mìosan a tha thu air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig, a Bheathag? Tha sàr Ghàidhlig agad. Bidh thusa a' toirt cuideachadh Gàidhlig dhomhsa agus do Cham.

Thoisich mise ri Gàidhlig ionnsachadh o chionns gu bheil mòran ainmean-aite Gàidhlig ann am Muile agus bha mi airson tuigsinn dè chiallaich iad.

Agus, a Cham, carson a thòisich thusa ri Gàidhlig ionnsachadh?


 Cam: Uill, ‘s ann a chunnaic mi leabhar, o chionn seachd bliadhna, ann an leabharlann. ‘S e leabhar làn òran luaidh a bh'ann. Chòrd na h-òrain seo gu math rium ‘s bha mi ag iarraidh gan leughadh anns a' Ghàidhig seach Beurla. An deidh sin, fhuair mi "Cothrom Ionnsachaidh" le Ronald Black 'is thoisich mi air Gàidhlig ionnsachadh cho luath 's bha agam!

 Beathag: Bha mise agus mo chèile ann an "taigh dubh" anns an t-Eilean Sgitheanach mu choig bliadhna air ais. Cha b' e croit a bha anns an taigh dubh idir; b' e taigh-tasgaidh a bh'ann. Ach bha seann chroitear a' tighinn air chèilidh air nighean a bha ag obair anns an taigh-tasgaidh. 'S dòcha gur am bodach a seanair. Bha Gàidhlig àlainn aige -- agus aicese cuideachd. Bha e dìreach mìorbhaileach ga chluinntinn. Bha e a' còrdadh rium glan.

A bheil cuimhne agaibh nuair a bha sibh a' cluinntinn na Gàidhlig a' chiad àm no a' faicinn dhaoine a' bruidhinn na Gàidhlig airson a' chiad uair?


 Cam: Bha mi air Gàidhlig a chluintinn air teipichean, co-dhiù, ach cha chuala mi Gàidhig beò gus an robh mi ann an Inbhir Nis sia bliadhna air ais. Bha mi ‘nam shuidhe air bus, ‘is chuala mi nighean òg a' bruidhinn ris an dràibhear. An toiseach, cha b'urrainn dhomh ga tuigsinn idir, ach an uair sin, chuala mi rudeigin mar: aig cairteal gu trì. Obh nach robh mi aoibhneach!

 Ru-ra: Ge-tà chan eil Gàidhlig aig mòran daoine an-seo, bidh duine sam bidh daonnan a’ gabhail òran Gàidhlig aig cèilidhean agus ‘s ann air a h-uile turas a their glaodhaire na h-aiseige: “Tha an sgiobair agus an sgioba a' cur failt' oirbh air bord am bàt-aiseig 'An t-Eilean Muileach'. Tha sinn an dòchas gun còrd an turas ribh.

Sin agaibh e a-nochd! Oidhche mhath!

Cò Beathag?

Tapadh leibh, a-huile duine, airson na fàilte bhlàth do shaoghal nam blogaichean Gàidhlig! Tha sibh eòlach air Ru-ra agus Cam a-cheana. 'S mise Beathag, agus 's e an turas agam an-dràsda.

Tha mi air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig o chionn greis agus tha an cànan a' còrdadh rium fìor mhath. Thòisich mi air Gàidhlig ionnsachadh mu cheithir mìosan air ais. Chan urrainn dhomh Gàidhlig a bhruidhinn no a sgrìobhadh gu math fhathast, ach tha mi a' feuchainn cho math is urrainn dhomh! Tha e nas fhurasta dhomh a bhith ga leughadh.

Tha mi a' fuireach anns na Stàitean Aonaichte agus tha mi ag obair anns an leabharlann aig oilthigh mòr. Chan eil mi 'nam leabharlannaiche, ma tha; 's e ollamh a th'annam. Tha mi pòsda. 'S e tidsear a th'anns an duine agam, agus tha mac òg againn. ’S e Vic an t-ainm a th' air. Tha Vic dà bhliadhna a dh'aois. Is dòcha gum bi mi a' sgrìobhadh gu tric mu a dheidhinn! "Obh, mo chreach!" bidh sibh ag ràdh a-nis. (Tha mi duilich! ach 's e mamaidh a th'annam!)

Cò Cam?

Hai. 'S mise Cam. Tha mi a' fuireach anns na beanntan de East Tennessee, ‘s tha mi air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig airson seachd neo ochd bliadhna. Tha ceathrar chloinne agam a bheil bho 22 gu 42 bliadhna a dh'aois agus tha ceathrar oghaichean agam cuideachd. ‘Se tidsear ‘s oileanach a th'annam ‘s tha mi ag obair ann an taigh-tasgaidh.

Fàilte a h-uile dhan a' bhlog againn.

Cò Ru-ra?

Uill ... 'S ann ann am Muile (Alba) a tha mi a' fuireach. Tha mi ag obair ann am bùth - 's e a' bhùth agam fhìn agus aig an duine a th'innte. Tha mac agus dithis nigheanan againn. Tha ar mac 11 bliadhna a dh'aois agus tha na nigheanan 14 & 16. Tha sinn a' fuireach ann am baile beag. Chan eil ach 37 taighean anns a' bhaile, ach bidh e gu math trang 'san t-samradh. Thig 250,000 luchd-turais an seo a h-uile bliadhna.

Tha mi air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig fad còig bliadhna agus tha i a' cordadh rium gu mòr. 'S e cànan àlainn a th'innte.

Bidh mi a' dèanamh fiughair ri cur aithne air Beathag agus Cam.

Latha de bhrot taitneach

(le leisgeul do A Day of Pleasant Bread le David Grayson)

 Cam: Hello. ‘Is sinne Beathag, 's Cam, ‘s Ru-ra. Tha sinn nar banacharaidean, 'is se seo am blog ùr againne.

Se Cam an seo. Nuair a bha mo chuid chloinne òg òg, bha banacharaidean eile agam aig an robh fhèin clann òg. A h-uile seachdainn bha sinn a' cruinneachadh airson brot ‘s arain neo saileid a dhèanamh. Agus an còmhnaidh – còmhradh. Bhiodh sinn ag ithe ‘s a' bruidhinn mu dheidhinn ar cloinne, a´ bhaile againn, an t-saoghail. Gu dearbh, an dèidh iomadh bliadhna, tha sinne nar deagh chàirdean fhathast..

A-nis bithidh Beathag ‘s Ru-ra nan caraidean ùra agam. Bithidh sinn uile ag ionnsachadh Gàidhlig ‘s bithidh sinn a' cruinneachadh anns a' bhlog seo airson càirdeis, agus tha mi'n dòchas, chòmhraidhean taitneach.


 Beathag: Mar a sgrìobh mo bhanacharaid, tha sinn an-seo airson barrachd air brot ithe agus a bhith a' cabadaich ri chèile! (Ach chan eil na cur-seachadan seo cho dona idir! 'S toil leibhse biadh math is còmhraidhean inntinneach cuideachd, nach toil?)

Bidh sinn a' sgrìobhadh ar beachdan 's teachdaireachdan beaga eile gach seachdain ach gu h-àbhaisteach bidh sinn a' bruidhinn ri chèile mu dheidhinn rudan a tha inntinneach dhuinn. Tha sinn ag iarraidh sgrìobhadh aon "còmhradh" gach mìos, air a' char as lugha!

Tha sinn an dòchas gum bi am blog againn dibhearsaineach san àm ri teachd. Agus dé mu dheidhinn a' bhrot? Tha mise dìreach an dòchas nach dèan sinn brochan dheth!