Oidhche Shamhna
Cam:

Beathag: A bheil oileannach a' "trick-or-treating" anns a' choimhearsnachd agad, a Cham? Abair aghaidh! Tha mòran, mòran chloinne òga a' fuireach anns a' bhaile againn, agus bidh iad ag iarraidh suiteis air Oidhche Shamhna.
Tha culaidh-choimheach aig Vic, ar mac: bidh e na neach-smàlaidh (còmhla ri iomadh duine anns an teaglach agam, gu fìrinneach). Cuiridh mi dealbh dheth air a' bhlog a dh'aithghearr!
Ru-ra: 'S ann ann am Muile a bhith Oidhche Shamhna a' còrdadh ris a' chlann gu mòr. Bidh iad air a h-èideadh mar bhana-bhuidseach neo thannasg neo rud sam bith eagalach. Tadhailidh iad air a h-uile taigh anns a' bhaile-beag agus gabhaidh iad òran eagalach neo aithrisidh iad bàrdachd eagalach. Agus bheir an neach-taighe dhaibh suiteas neo ubhal neo cnòthan.
Cam: Uill, a chàirdean; tha mi’n dòchas gum bi suiteas gu lèor agaibh. ‘S dòcha bidh mise ann an culaidh-choimheadh a’ tighinn dhan taigh agaibh a dh'aithghearr!
beachdan: 3
'S toil leam gu mòr Oidhche Shamhna, agus bha mi deiseil an-raoir nuair a thàinig a h-uile seòrsa de creutairean eagalach (agus gaisgich mar Superman, Spiderman agus Batman agus bana-phrionnsa neo dhà) dhan taigh agam.
Thilg mi suiteis orra agus theich iad ... ach cha do dh'aithris iad ni sam bith ach "trick or treat."
Tha mi toilichte chluinntinn gu bheil Oidhche Shamhna cho mòr ann am Muile an latha an-diugh, Rù-Rà ... an e sin mar a bha e nuair a bha sibh òg?
Tha fhios agam, gu dearbh, gur e fleadh neo fèill Cheilteach a bh'ann an toiseach, ach an do mhair seann-chleachdaidhean ceangailte ris na fèile anns an sgìre far a' bheil sibh?
Agus seo mo bheannachd dhuibh:
Gach ni 'na m' fhardaich, no 'na m' shealbh,
Gach buar is barr, gach tan is tealbh,
Bho Oidhche Shamhna chon Oidhche Bheallt,
Piseach maith, agus beannachd mallt,
Bho mhuir, gu muir, agus bun gach allt,
Bho thonn gu tonn, agus bonn gach steallt.
"Everything within my dwelling or in my possession,
All kine and crops, all flocks and corn,
From Hallow Eve to Beltane Eve,
With goodly progress and gentle blessing,
From sea to sea, and every river mouth,
From wave to wave, and base of waterfall.."
An e sin mar a bha e nuair a bha sibh òg?
'S e, dìreach mar sin. Ach chan e "trick or treat" ann am Muile, ‘s e "guising" an t-ainm a th’air anns a’ Bheurla.
Chan eil mi eòlach air seann-chleachdaidhean ceangailte ris na fèile. Tha mi a’ smaoineachadh nach eil iad a’ maireachdainn tuilleadh an seo.
Taing dhuibh airson na beannachd.
Is fìor thoil leam Oidhche Shamhna, cuideachd! Bha mise 's mo nighean 's a banacharaid a' dol air "guising" no trick-or-treat an oidhche sin, agus thadhail sinn air taigh taibhse no "spook house" anns a' chomhairsneachd againn...eagalach! Co-dhiù, fhuair sinn suiteas gu leòr.
Dè tha Gàidhlig air "guising?"
Agus, a Liam, càit' an d' fhuair thu a' bheannachd bhreagha sin?
Le dùrachdan,
Eubha
Post a Comment
<< dachaigh