Càit' an robh mi?


Air an 20mh dhen Lùnastal dh’fhàg mi an taigh agam ann an Tennessee tràth sa mhadainn is shiubhal mi fad an latha air itealan is bus. Chaidh mi dhan àite far an robh Gàidhlig aig a’chuid bu mhotha dhen daoine anns an naoidheamh linn deug is cluinnear i fhathast san latha an-diugh. An urrainn dhuibh ainm a’ bhàt’-aiseig anns an dealbh seo a leughadh? (Se "Caolas Sìlis" a th'ann.) Anns an àite seo chuala mi iomadh còmhradh is òran Gàidhlig. Anns an àite seo tha mòran dhaoine aig a bheil ainmean leithid MacNèill, MacIllEathainn, is MacChoinnich is tha na daoine ro phròiseil às an dualchas Albannach aca.

Càit’ an robh mi?

beachdan: 1

20.9.06: bha Blogger Liam ag ràdh...

Tha mi glè-eòlach air an àite, a Cham – ’s e an caolas beag a th’ ann – Little Narrows, mar a chanadh iad, ann an Ceap Breatainn, agus bithidh mi ann a’ dh’ aithghearr, le cobhair Dhè!

Tha mi ’n dòchas gun do chòrd an turas riut!

 

Post a Comment

<< dachaigh