Deireadh na Bun-Sgoile

Bha an latha mu dheireadh aig mo mhac anns a’ bhun-sgoil aige ann am Muile an dè.

Bidh e a’ dol dhan àrd-sgoil anns an Òban às dèidh na làithean-saora. Chan eil ach 45 chloinne anns a’ bhun-sgoil aige, ach bidh 1200 anns an àrd-sgoil aige. Tha tòrr dhiofaran eile ann cuideachd. Feumaidh e fuireach ann an ostail a sheachdain agus cha tig e dhachaidh ach a dheireadh-seachdain.

Chan eil e ach 12 bliadhna a dh’aois, ach tha e a’ dèanamh fiughair mhòr ri dol dhan Òban. Tha amar-snàmh an sin ... agus taigh-dhealbh ... agus bùthan le geamannan coimpiutair ... agus msaa.

Ach mise, bidh mise ga ionndrainn gu mòr. Bidh mo nigheanan aig an àrd-sgoil anns an Òban mu thràth agus bidh mi gan ionndrainn gu dearbh. Ach nuair a bhios mo mhac a’ dol dhan àrd-sgoil, cha bhi clann agam idir aig an taigh a sheachdain. Och, mo chreach!

beachdan: 2

30.6.06: bha Blogger mona ag ràdh...

Tha mi gad thuigsinn glè mhath, a Ru-Ra :-) Cha robh fios agam nach eil àrd-sgoil ann am Muile. Ach feumaidh gu bheil e sgoinneil airson nan deugairean a bhith a' fuireach anns an Oban tron seachdain ;-)
Cò tha a' cùmal sùil orra an-sin? An e osdail sònraichte a th' ann far a bheil iad a' fuireach? Am faigh iad biadh an-sin cuideachd?
Mona

 
30.6.06: bha Blogger Ru-ra ag ràdh...

Hi a Mhona!

Tha àrd-sgoil ann an Tobar Mhoire (Muile a tuath) gu dearbh, ach tha i fada air falbh bhon taigh againn (anns an Ros Muileach, Muile a deas). Chan urrain dhan chlann siubhal bho Mhuile a deas gu Tobar Mhoire a h-uile latha (2 uair gu leth a thìde ann am bus gach rathad). Chan eil ostail sgoile ann an Tobar Mhoire, ach tha tè anns an Òban. Mar sin feumaidh iad fuireach anns an ostail anns an Òban.

Bidh mu 90 chloinne a’ fuireach an sin (à Muile, I, Cola, Colbhasa agus Lios Mòr). Bidh na Seirbheisean Sòisealachd a’ gabhail cùram air a’ chlann. Gheibh iad bracaist agus dìnnear anns an ostail, agus biadh meadhan-latha anns an sgoil.

Rù-ra

 

Post a Comment

<< dachaigh