Io ho ho agus botal... bainne?

"Dè an latha a th'ann an-diugh, a Mhamaidh? Dè an latha a bh'ann an-dè? Dè an latha a bhios ann a-màireach?"

Ach carson a bha e a' cur nan ceistean seo orm? Avast, ye scalliwags and scurvy knaves! Anns an taigh againn, 's e "Là Airson Bruidhinn mar Spùinneadair-Mara" a th'ann a h-uile latha.

Agus cò as coireach ri seo? Uill, ma tha -- a dh'innse na fìrinn, nuair a bha na leabhraichean Narnia againn a' tighinn gu crìch, dh'innis mi beagan sgeulachdan dha mu dheidhinn spùinneadairean-mara 's buinn-a-h-ochd 's an leithid, bho Treasure Island. Agus nuair a bha e ag iarraidh culaidh choimheach air Oidhche Shamhna, rinn mi brèid-sùla (no "eye-patch") dùbh air a shon, agus biodag le sgragall. Agus feumaidh mi aideachadh gun robh mi ga theagasg an t-òran, "Dè Bu Chòir Dhuinn Dèanamh leis an t-Seòladair Mhisgeach..."

Ach chan e droch mhàthair a th'annam! Air m' onair!

Co dhiù, tha an coire air na Muppets.


An dèidh dhuinn am film seo a choimhead, bha ainmean ùra oirnn. Is esan an còmhnaidh Long John Silver. 'S mise Captain Kidd (am bitheantas -- ach 'se Billy Bones an t-ainm a th'orm air uairibh, nuair a bhios e airson a' toirt dhomh "the black spot"). Agus an duine agam? Is esan Blind Pierre no an-dràsda 's a-rithist "an Spùinneadair-Mara le Aodann mar Ghobhar air." Ainm snog!

An t-seachdain seo chaidh, chaidh sinn dhan phàirc. Bha Long John Silver ag òl bainne, ach thuirt e gur a "grog" a bh'ann. Aargh, matey! Chunnaic mi gun robh cuid de na màthraichean -- na màthraichean eile le balaich -- a' dèanamh gàire. Ach nach robh sinn a' chur dubh-ghràin air màthraichean nan caileagan!