Turas-sgoile

Nuair a bha sibh anns an sgoil, an deach sibh air turas-sgoile? Bha mise anns an sgoil mòran bhliadhna air ais, ach tha cuimhne agam tadhail air taigh-staile. Ach chan eil turas-sgoile mar sin na làithean seo.

'S ann an dhan Spàinn a thèid mo nighean nas òiga leis an sgoil anns an t-Òg-Mhios. Agus 's ann do dh'Ameireaga a thèid mo nighean eile leis an sgoil airson cola-deug anns an Dàmhair. Chan robh mise a-riamh anns an Spàinn neo ann an Ameireaga. Nach eil sealbh air clann an là an-diugh?