"tha fhios agam far a bheil mi a' dol"

Chan eil mi air a bhith a' sgrìobhadh air a' bhlog againn cho tric a chionn 's gun robh mi beagan tinn. Ach tha mi a' faireachdainn fada nas fheàrr a-nis agus tha mi airson a bhith a' sgrìobhadh is ag ionnsachadh a-rithist mar bu ghnàth leam.

A' mhìos seo chaidh, bha agam ri fuireach san leabaidh gu minig. Cha robh e cho dona, ge-tà -- rinn an duine agam rudeigin sgoinneil airson cur-seachad. (Tha mi gu math fortanach; 's e duine iongantach a th'ann is tha mòran smuaintean èibhinn aige.)

Rinn an duine agam taigh-dhealbh prìbheideach anns an seòmar-cadail againn! Ghabh e iasad de thilgeadair bhon sgoil aige 's chan robh e fada mus robh mi a' coimhead filmaichean air a' bhalla.

An toiseach, choimhead mi am film "Tha Fhios Agam Far a Bheil Mi a' Dol."

A bheil sibh eòlach air an fhilm seo? Ainm neònach, nach e? Ach 's e seann fhilm a th'ann 's nam bheachdsa tha e fìor thaitneach -- agus chaidh a dhèanamh ann am Muile. 'S urrainn dhut tòrr Gàidhlig a chluinntinn anns an fhilm. (Uill, tha fada a bharrachd de Ghàidhlig anns an fhilm seo na tha sinn a' cluinntinn anns a' mhòr-chuid de filmaichean romansach mu dheidhinn Alba.) Agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil e a' cur urram air cultar na Gàidhealtachd ann an dòigh neònach, aotrom.

Beagan "trivia" bhuaibh: bha Rù-ra ag innse dhomh gun robh an seanair aig an duine aice ag obair mar "extra" anns an t-sealladh leis a'bhàta anns an fhilm seo. Nach e saoghal beag a th' ann?