Bidh an t-earrach a' tighinn

Seadh. Tha fios ‘am. Tha i fuar taobh a-muigh is bha i a' cur sneachd a-rithist a-raoir. Tha ceithir oirlich sneachd air an talamh an seo anns a' ghleann is tha seachd neo ochd oirlich shuas na beanntan. Anns na pàircean chithear slaodanan an àite baidhsagalan. Bidh a h-uile duine a' cur oirnn ad is miotagan.

Ach a dh'aindeoin sin, tha mi cinnteach; tha an t-earrach gu firinneach a' tighinn. Tha fios ‘am o chionn 's gu bheil mi air na comharrachaidh fhaicinn anns na craobhan. Chan eil duilleagan ann fhathast ach tha atharrachaidhean eile a' nochadh.

Bidh an snodhach a' ruith cheana anns na craobhan ris an canar "sugar maple" anns a' Bheurla (Acer saccharum) is bidh sinn a' dèanamh siorap a dh'aithghearr. 'Se comharradh eile a th'ann gu bheil na gucagan a' fàs nas motha air na geugan. Seo agaibh dealbh nan gucagan air coin-bhile (Cornus kousa) anns an gàrradh agam.

beachdan: 2

25.2.06: bha Blogger Graisg ag ràdh...

'siùcar bho na craobhan', obh, s'' toil leam gu mòr e. Ach tha e daor sna bùithtean againn :-(

 
25.2.06: bha Blogger mona ag ràdh...

Tha an t-Earrach a' tighinn an-seo cuideachd... tha e glè fhuar fhathast, ach tha a' ghrian ann nas fhaide gach latha agus is toigh leam sin.

Tha an dealbh a rinn thu glè shnog. Mar gum bitheadh làmh le corragan aig a' chraoibh.
Mona

 

Post a Comment

<< dachaigh