Na h-àiteachan far a bheil sinn a' fuireach
Tha an triùir againn a' fuireach aig astar ann an àiteachan dìofaraichte, ach ‘s dòcha bu bheil iad coltach cuideachd.
Cam:

Beathag:

Tha mi a' fuireach anns na Beanntan Apailèiseanach cuideachd, mu dhà cheud gu leth mìle air falbh bhuat, a Cham. 'S ann ann an Gleann Shenandoah a tha mi a' fuireach. Tha an gleann glè cheòthach 'sa mhadainn, ach àillidh gu dearbh. Èiridh a' ghrian os cionn nam beann gach madainn nuair a bhios mi a' dràibheadh dhan obair.
Ru-ra:

Tha mòran bheann againn ann am Muile cuideachd - 's e Beinn Mhòr an t-ainm a th'air an tè as àirde. (Ainm mac-meanmnach, nach e?) Thig mòran luchd-turais an-seo a h-uile bliadhna. Cha tig iad ach airson na beanntan fhaicinn (neo a streap), tha tràighean gainmheil, uillt, iolairean, dòbhrain, ròin agus caisteal ann cuideachd. Agus thig mòran dhaoine an seo airson dhol a-mach air bàta gu Staffa airson Uamh Fhingal fhaicinn, neo air a' bhàt-aiseig do dh'Eilean Idhe (ach aon mhìle a Muile). Am faigh an dithis agaibh mòran luchd-turais?
Beathag:

Cam: Gheibh mòran luchd-turais an seo cuideachd, ged a tha an t-aite seo beagan iomallach air sàilleabh nam beann. Thig daoine gu h-àraidh as t-samhradh airson na slighe Apailèiseanaich a choisich. Bidh an t-slighe seo a' dol tron beanntan fad barrachd air dà mhìle mìle bho Georgia gu Maine Thig luchd-turais eile, a nach bu toil leotha streap, airson dràibhidh tron beanntan air a' Bhlue Ridge Parkway.

Ru-ra:

beachdan: 2
Nuair a bha mi nas òige, leugh mi cuid leabhraichean chloinne le sgeulan a bha a' tachairt anns na Appalachians. Bha mi a' smaoineachadh gur e sgìre glè inntinneach, àlainn is garbh a th' ann. Tha na dealbhan agaibh a' sealltainn gu bheil sin fìor :-)
A bheil fìon a' fàs agaibh dha-riribh? Wow!
Mona
Bidh mi a' faicinn sticeadair-car an-seo gu math tric: "Conserve Water: Drink Virginia Wine." :)
Post a Comment
<< dachaigh