Cò Beathag?

Tapadh leibh, a-huile duine, airson na fàilte bhlàth do shaoghal nam blogaichean Gàidhlig! Tha sibh eòlach air Ru-ra agus Cam a-cheana. 'S mise Beathag, agus 's e an turas agam an-dràsda.

Tha mi air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig o chionn greis agus tha an cànan a' còrdadh rium fìor mhath. Thòisich mi air Gàidhlig ionnsachadh mu cheithir mìosan air ais. Chan urrainn dhomh Gàidhlig a bhruidhinn no a sgrìobhadh gu math fhathast, ach tha mi a' feuchainn cho math is urrainn dhomh! Tha e nas fhurasta dhomh a bhith ga leughadh.

Tha mi a' fuireach anns na Stàitean Aonaichte agus tha mi ag obair anns an leabharlann aig oilthigh mòr. Chan eil mi 'nam leabharlannaiche, ma tha; 's e ollamh a th'annam. Tha mi pòsda. 'S e tidsear a th'anns an duine agam, agus tha mac òg againn. ’S e Vic an t-ainm a th' air. Tha Vic dà bhliadhna a dh'aois. Is dòcha gum bi mi a' sgrìobhadh gu tric mu a dheidhinn! "Obh, mo chreach!" bidh sibh ag ràdh a-nis. (Tha mi duilich! ach 's e mamaidh a th'annam!)

beachdan: 2

29.1.06: bha Blogger mona ag ràdh...

A Bheathag, tha iongnadh mòr orm an-dràsda. Tha Gàidhlig uabhasach math fhèin agad! Agus sin as-dèidh 4 mìosan! Wow. Chuir thu mòran obair ann, tha mi cinnteach. An robh thu ag ionnsachadh mòran chànanan eile roimhe? Chunnaic mi gu bheil Gearmailtis agad cuideachd :-)
Mona

 
29.1.06: bha Blogger Bethany ag ràdh...

Tapadh leat, a Mhona -- 's toil leam a bhith ag ionnsachadh rudan ùra agus tha Gàidhlig a' còrdadh rium glan. Dh'ionnsaich mi beagan Fraingis nuair a bha mi nam chaileag agus dh'ionnsaich mi Gearmailtis (als Austauschschülerin) air sràidean Bherlin ann an 1989. 'S e bliadhna air leth inntinneach a bh'ann! :)

 

Post a Comment

<< dachaigh