Cò Ru-ra?

Uill ... 'S ann ann am Muile (Alba) a tha mi a' fuireach. Tha mi ag obair ann am bùth - 's e a' bhùth agam fhìn agus aig an duine a th'innte. Tha mac agus dithis nigheanan againn. Tha ar mac 11 bliadhna a dh'aois agus tha na nigheanan 14 & 16. Tha sinn a' fuireach ann am baile beag. Chan eil ach 37 taighean anns a' bhaile, ach bidh e gu math trang 'san t-samradh. Thig 250,000 luchd-turais an seo a h-uile bliadhna.

Tha mi air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig fad còig bliadhna agus tha i a' cordadh rium gu mòr. 'S e cànan àlainn a th'innte.

Bidh mi a' dèanamh fiughair ri cur aithne air Beathag agus Cam.

beachdan: 3

22.1.06: bha Blogger mona ag ràdh...

hallo a ru-ra,
fàilte ann an saoghal nam blog :) a bheil gàidhlig aig mòran daoine ann am muile? cha robh mi riamh ann, ach tha dùil agam dol ann uaireigin... a bheil do chlann is do chèile ag ionnsachadh gàidhlig cuideachd? chan eil gàidhlig aig mo chèile idir, ach ma bhitheas clann againn uaireigin tha mi ag iarraidh an togal le gàidhlig is gearmailtis.
tha gàidhlig glè mhath agad-sa co-dhiù.
cùmaibh oirbh leis a' bhlog seo, bidh sinn uile toilichte mòran a leughadh bhuaibh!
mona

 
24.1.06: bha Blogger Graisg ag ràdh...

Meal ur naidheachd a chàirdean!

Tha mi a’ guidhe gach soirbheachaidh dhuibh leis a’ bhlog seo. ‘S e ceum mòr gu dearbh a ghabh sibh – ceum air adhart chun cridhe àlainn na Gàidhlig. ‘S math a rinn sibh.

 
26.1.06: bha Blogger Ru-ra ag ràdh...

Abair failte bhlàth! Mòran taing.

A Mhona,
'S ann am Muile a tha na daoine nas sine (75+ bliadhna a dh'aois) nam fileantaich fhathast, ged a tha Gàidhlig aig feadhainn nas òige cuideachd. Ach tha mòran luchd-ionnsachaidh ann am Muile mar an ceudna.
Tha mo chlann ag ionnsachadh Gàidhlig anns an àrd-sgoil (chan eil anns a' bhun-sgoil), ach chan eil Gàidhlig aig an duine agam - ge-tà bidh e ag radh "Oidhche mhath, cadal math" gar chlann air an oidhche.

Eòsaiph,
Tha mi toilichte gun robh Muile a' cordadh ruit. Gur a math a thèid dhan bhùth-obrach. 'S e "eadar-linn sgoinneil" gu dearbh.

A Ghraisg,
Aon chem beag airson Ru-ra, aon cheum mòr airson ... Taing dhut airson du chuideachadh ro-làimh.

 

Post a Comment

<< dachaigh