Latha de bhrot taitneach

(le leisgeul do A Day of Pleasant Bread le David Grayson)

 Cam: Hello. ‘Is sinne Beathag, 's Cam, ‘s Ru-ra. Tha sinn nar banacharaidean, 'is se seo am blog ùr againne.

Se Cam an seo. Nuair a bha mo chuid chloinne òg òg, bha banacharaidean eile agam aig an robh fhèin clann òg. A h-uile seachdainn bha sinn a' cruinneachadh airson brot ‘s arain neo saileid a dhèanamh. Agus an còmhnaidh – còmhradh. Bhiodh sinn ag ithe ‘s a' bruidhinn mu dheidhinn ar cloinne, a´ bhaile againn, an t-saoghail. Gu dearbh, an dèidh iomadh bliadhna, tha sinne nar deagh chàirdean fhathast..

A-nis bithidh Beathag ‘s Ru-ra nan caraidean ùra agam. Bithidh sinn uile ag ionnsachadh Gàidhlig ‘s bithidh sinn a' cruinneachadh anns a' bhlog seo airson càirdeis, agus tha mi'n dòchas, chòmhraidhean taitneach.


 Beathag: Mar a sgrìobh mo bhanacharaid, tha sinn an-seo airson barrachd air brot ithe agus a bhith a' cabadaich ri chèile! (Ach chan eil na cur-seachadan seo cho dona idir! 'S toil leibhse biadh math is còmhraidhean inntinneach cuideachd, nach toil?)

Bidh sinn a' sgrìobhadh ar beachdan 's teachdaireachdan beaga eile gach seachdain ach gu h-àbhaisteach bidh sinn a' bruidhinn ri chèile mu dheidhinn rudan a tha inntinneach dhuinn. Tha sinn ag iarraidh sgrìobhadh aon "còmhradh" gach mìos, air a' char as lugha!

Tha sinn an dòchas gum bi am blog againn dibhearsaineach san àm ri teachd. Agus dé mu dheidhinn a' bhrot? Tha mise dìreach an dòchas nach dèan sinn brochan dheth!

beachdan: 3

20.1.06: bha Blogger Cadalach ag ràdh...

'S math ur faicinn! Fàilte gu Tìr nam Blòg :-)

 
20.1.06: bha Blogger Helena Gowan ag ràdh...

Yay... Fàilte oirbh agus rinn sibh glè mhath. :)

 
21.1.06: bha Blogger mona ag ràdh...

hallo, is mise mona agus tha mi anns a' ghearmailt. is toigh leam am blog agaibh! :-) fàilte oirbh ann an "saoghal nam blog", agus tha mi cinnteach, leis gu bheil triùir agaibh ann, gum bi sinn a' leughadh mòran rudan inntinneach bhuaibh :-)
mona

 

Post a Comment

<< dachaigh