Bàtaichean-aiseig

Feumaidh mi dhol dhan Òban (air tìr-mòr) a-màireach airson coinneimh. Bidh a’ choinneamh aig 7.30 f agus crìochnachaidh i mu 9.30 f, ach cha bhi aiseagan air an oidhche. Feumaidh mi breith air a’ bhàt-aiseag mu dheireadh agus tilleadh air a’ cheud bhàt-aiseag an ath latha. ‘S ann naoi uairean dheug a bhios mi air falbh airson coinneimh dà uair-a-thìde! Bu toil leam gu mòr aiseagan tron oidhche.

beachdan: 2

8.2.06: bha Blogger mona ag ràdh...

Tha am beatha air eilean gu math eadar-dhealaichte bho beatha air tìr mòr, nach eil? Tha e sònraichte ann an iomadh dòigh - ged nach eil a h-uile rud cho comhfhurtail is feumail mar air tìr mòr uaireannan...
Mona

 
8.2.06: bha Blogger Ru-ra ag ràdh...

Tha sin ceart, a Mhona. Bha mi a' gearan air bàtaichean-aiseag. Co-dhiù, cha bhithinn ach airson fuireach ann am Muile. :)

 

Post a Comment

<< dachaigh