a' chiad chòmhradh

 Beathag: Uill... aig toiseach gnothaich, saoilidh mi gum b'fhiach dhuinn bhruidhinn mu dheidhinn a' bhlog seo. Tha mi den bheachd gum bi e nas fheumaile dhomsa! Tha deagh Ghàidhlig agaibhse a cheana. Tha mise coltach ris a' bhalaiste anns a' bhàta!

 Cam: Obh, chan eil, a charaid. Cha chreid mi nach eil sgioba triùir ann anns a' bhàta seo. Tha neach-ionnsachaidh ùr a th'annad (gu dearbh, tha sinn uile 'nar luchd-ionnsachaidh), ach tha thusa ag ionnsachadh gu luath. Cùin' a thòisich thu Gàidhlig ionnsachadh agus carson?

 Beathag:  'S e bàta math a th'ann an seo, nach e? Chan eil aoidean ann fhathast -- agus tha i a' seòladh gu math...

Tha mi air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig fad ceithir mìosan, a Cham. Carson? 'S e ceist inntinneach a th'innte! A dh'innse na fìrinn, tha mi a' smaoineachadh gun robh mi beagan an-fhoiseil... Bha an tràchdas agam crìochnaichte agus cheumnaich mi bhon oilthigh. Agus cha robh mo mhac na naoidhean tuilleadh 's mar sin chuir mi romham beagan Gàidhlig ionnsachadh. Bha mi airson rudeigin ùr ionnsachadh.


 Ru-ra: An ann ach fad ceithir mìosan a tha thu air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig, a Bheathag? Tha sàr Ghàidhlig agad. Bidh thusa a' toirt cuideachadh Gàidhlig dhomhsa agus do Cham.

Thoisich mise ri Gàidhlig ionnsachadh o chionns gu bheil mòran ainmean-aite Gàidhlig ann am Muile agus bha mi airson tuigsinn dè chiallaich iad.

Agus, a Cham, carson a thòisich thusa ri Gàidhlig ionnsachadh?


 Cam: Uill, ‘s ann a chunnaic mi leabhar, o chionn seachd bliadhna, ann an leabharlann. ‘S e leabhar làn òran luaidh a bh'ann. Chòrd na h-òrain seo gu math rium ‘s bha mi ag iarraidh gan leughadh anns a' Ghàidhig seach Beurla. An deidh sin, fhuair mi "Cothrom Ionnsachaidh" le Ronald Black 'is thoisich mi air Gàidhlig ionnsachadh cho luath 's bha agam!

 Beathag: Bha mise agus mo chèile ann an "taigh dubh" anns an t-Eilean Sgitheanach mu choig bliadhna air ais. Cha b' e croit a bha anns an taigh dubh idir; b' e taigh-tasgaidh a bh'ann. Ach bha seann chroitear a' tighinn air chèilidh air nighean a bha ag obair anns an taigh-tasgaidh. 'S dòcha gur am bodach a seanair. Bha Gàidhlig àlainn aige -- agus aicese cuideachd. Bha e dìreach mìorbhaileach ga chluinntinn. Bha e a' còrdadh rium glan.

A bheil cuimhne agaibh nuair a bha sibh a' cluinntinn na Gàidhlig a' chiad àm no a' faicinn dhaoine a' bruidhinn na Gàidhlig airson a' chiad uair?


 Cam: Bha mi air Gàidhlig a chluintinn air teipichean, co-dhiù, ach cha chuala mi Gàidhig beò gus an robh mi ann an Inbhir Nis sia bliadhna air ais. Bha mi ‘nam shuidhe air bus, ‘is chuala mi nighean òg a' bruidhinn ris an dràibhear. An toiseach, cha b'urrainn dhomh ga tuigsinn idir, ach an uair sin, chuala mi rudeigin mar: aig cairteal gu trì. Obh nach robh mi aoibhneach!

 Ru-ra: Ge-tà chan eil Gàidhlig aig mòran daoine an-seo, bidh duine sam bidh daonnan a’ gabhail òran Gàidhlig aig cèilidhean agus ‘s ann air a h-uile turas a their glaodhaire na h-aiseige: “Tha an sgiobair agus an sgioba a' cur failt' oirbh air bord am bàt-aiseig 'An t-Eilean Muileach'. Tha sinn an dòchas gun còrd an turas ribh.

Sin agaibh e a-nochd! Oidhche mhath!

beachdan: 3

2.2.06: bha Blogger mona ag ràdh...

A Bheathag, a Cham is a Ru-ra,
chòrd e rium sin a leughadh! Tha an còmhradh agaibh glè inntinneach :-) Ciamar a sgrìobh sibh e, an robh sibh aig a' choimpiutair aig an aon àm? Bidh e snog barrachd a leughadh bhuaibh, tha mi cinnteach.
mona

 
2.2.06: bha Blogger Cam ag ràdh...

Hai a Mhona,
Tha sinn toilichte gu bheil am blog againn a' còrdadh riut. Chan e seòrsa de dhraoidheachd a th'ann an sgrìobhadh còmhla; tha siubhal sìdhe thar ar comais. Tha sinn a' fuireach ann an àiteachan eadar-dhealaichte, ach 's e "computer kid" a th'ann am Beathag!
Cam

 
9.3.06: bha Blogger Liam ag ràdh...

Hallo a Bheathag, Cam agus Ru-Ra:

'S e seo a' cheud uair a rinn mi cèilidh oirbh agus chord e gu mòr rium!

Deagh-chòmhradh agus deagh smuain!

Meal ur naidheachd.

Tha ceist agam: ciamar a thachair sibh ri chèile?

 

Post a Comment

<< dachaigh