faclan ùra

‘S toil leam faclan ùra ionnsachadh ann an Gàidhlig a cheart cho math ri Beurla. Bidh mi daonnan a' dèanamh liostan fhaclan inntinneach is an uairsin feuchaidh mi ri 'n cleachadh. Thachair gun d'fhuair mi facal ùr math math o chionn greis. Obh mo chreach. Abair facal snog! ‘S toil leam an fhuaim dhe, is ‘s toil an cruth dhe, fiù ‘s ged nach toil leam an rud a tha e a' ciallachadh. Dè tha am facal iongantach seo? Uill, seo e: hù-pàp. Chan eil e nam fhaclair, ach a rèir mo charaid a thug mi e, tha e a' ciallachadh seòrsa de ùpraid, ‘s dòcha ùpraid dhona. Hù-pàp.

Tha faclan eile le cèill co-cheangailte, mar eisimpleir, hòrò-gheallaidh is hù-bhitheil is bùrach is cuideachd rù-rà, an frith-aimn aig mo charaid à Muile. ‘S i Ru-ra an tè a theagaisg "bùrach" dhomh. Thuirt Ru-ra ged a tha ‘s e facal Gàidhlig a th'ann, bidh pàrantan Muileach 'ga chleachadh fiù ‘s ann an còmhraidhean Beurla. Bidh iad uaireanan ag ràdh dhan chloinne aca, "Go and tidy your room; it's in a right bùrach!" ‘S truagh a tha mo chuid chloinne air fàs suas is chan urrainn dhomh am facal seo a chleachadh leotha a-nis.