uair dhen t-saoghal...

 Beathag: Bidh sinn a' faighinn mòran fhreagairtean inntinneach dhan bhlog againn. O chionn ghoirid, dh'fhaighnich Liam dhuinn (an siud) ciamar a thachair sinn ri chèile. Uill, uair dhen t-saoghal...

 Cam: ...bha triùir bhoireannach ag ionnsachadh na Gàidhlig agus bha sinn uile nar ball de fòram ris an canar savegaelic.org.

 Ru-ra: Agus bha dithis daoine anns an fhòram sin. 'S e Cadalach agus Graisg na h-ainmean a bh'orra...

 Beathag: agus bha iad a' fuireach còmhla ri an caraidean ann an Tìr nam Blogaichean Gàidhlig. 'S e àite iongantach a bh'ann an Tìr nam Blog!

 Ru-ra: Aon latha, sgrìobh Graisg post-d gu Ru-ra: “A Ru-ra, Bu chòir dhut blog a sgrìobhadh. Tha e spòrs agus thig leasachadh air a’ Ghàidhlig agad.”
Ach sgrìobh Ru-ra air ais: “O, cha bu chòir, cha bu chòir, cha bu chòir. Chan eil fios agam dè sgrìobhainn ann am blog agus chan eil ùine gu leòr agam.”


 Cam: Sgrìobh Graisg an aon post-d gu Cam. Thuirt e gum bhiodh a' chuid Ghàidhlig aice a' dol am feabhas troimh sgrìobhadh, agus cha chreid i nach robh e ceart.

 Beathag: Air an latha fhèin, sgrìobh Cadalach post-d gu Beathag: "Mo chreach, a Bheathag, tha beagan Gàidhlig agad, mu dheireadh thall! Bu chòir dhut blog a sgrìobhadh cuideachd." Ach thuirt Beathag leatha fhèin: "Och, chan urrainn dhomh sin a dhèanamh nam aonar!" Agus smaoinich i mu dheidhinn nam banacharaidean ùra aice air an fhòram.

 Ru-ra: Agus sin e - 's e coire Bheathaig (agus Ghraisg & Chadalaich)!

beachdan: 1

1.4.06: bha Blogger Liam ag ràdh...

Agus is math a rinn an triuir agaibh! Moran taing.

'S toigh leam gu mor an doigh anns a bheil sibh a' comhradh tron bhlog, agus a' toirt dhuinn seallaidhean bho da thaobh a' chuain.

Am biodh sibh deonach a bhith bruidhinn air Gaelcast mu dheidhinn a' bhlog seo agus "blogaichean" uaireannan? :-)

Liam

 

Post a Comment

<< dachaigh