Na biadh roinneil againn

Cam: Sgrìobh Crunluath o chionn ghoirid (air an fhòrum) mu dheidhinn "skirlie" is a-nis tha mi a' smaointinn mu dheidhinn bidhe roinneil, neo "regional food" mar a chanas iad anns a' Bheurla. Chan eil mi air skirlie ithe idir, ach tha pailteas bidhe roinneil againn anns na beanntan de Tennessee, rudan mar hama is cornbread is "ramps." Tha am ramp a' buintainn don aon teaghlach ris an uinnean is tha blas uamhasach laidir annasach air. Bidh na daoine an seo ‘gan ithe as t-earrach airson na slàinte.

A chàirdean, dè an seòrsa bidhe roinneil a th'ann, far a bheil sibh a' fuireach?


Ru-ra: ‘S e buntata ‘s sgadan saillte a th’anns am biadh dualchasach ann am Muile – sgadan a tha air a bhith grèidhte ann an uisge saillte. Bidh thu a’ bruich na sgadain saillte ann am fìor-uisge, an uair sin bidh thu a’ tilgeadh an uisge a-mach, gam bruich a-rithist ann am fìor-uisge ùr, a’ tilgeadh a-rithist an uisge a-mach agus mar sin air adhart ceithir no còig uairean. Mura biodh tu a’ dèanamh seo 4-5 uairean, bhiodh na sgadan ro shaillte.

Beathag: Chan eil mi cinnteach gum biodh sgadan saillte a' còrdadh rium, ach tha mi deònach a bhith gam feuchainn! 'S docha gum biodh iad math le "fried green tomatoes..." An robh sibh air tomato anabaich ithe idir? Mura frighig thu iad le salann is piobar dubh is cornmeal, chan eil iad glè bhlasda...
Dealbh bho am blog aig Jenny Vorwaller.


Ru-ra: “Tomato anabaich” … is neònach leam sin.
‘S toil leinn mìlseanan ann an Alba. An do bhlais sibh riamh air bonnach-praise (“Clootie Dumpling")? Tha e beagan coltach ri cèic-mheasan ach ceangailear e ann am brèid agus bruichear e fad trì uirean. ‘S ann blasda a tha e … blàth no fuar.
Dealbh bho Scots Magazine, ach 's fheàrr leam an reasabaidh air Country Life.


Cam: Uill, chan eil mi air bonnach-praise ithe nas motha, ach tha an t-acras mòr agam!

Beathag: Ma tha an t-acras ort, a Cham, carson nach eil thu a' dol gu "fèis nan ramps?" (Yuck.)

Cam: Tiugainn!