a dèanamh siorap bho chraobhan



An t-seachdain sa chaidh rinn sinn siorap aig an taigh-tasgaidh far a bheil mi ag obair. Thàinig mòran luchd-tadhail airson ar cuideachadh fiù ‘s gun robh i fuar an latha sin. An toiseach tholl Oscar na craobhan (Acer saccharum, neo sugar maple, anns a' Bheurla) is chruinnich e an sùgh ann an cuinneagan. An dèidh sin ghoil e an sùgh. Bidh e coltach ri uisge, ach bidh e beagan milis. Feumaidh sibh faisg air leth-cheud galanan sùigh a chruinneachadh airson aon galan sioraipe a dhèanamh! Bha sinn ag obair fad an latha is cha do rinn sinn ach aon galan sioraipe, ach abair siorap mhath!