Cam aig an t-Sabhal Mhòr

Bha Cam ann an Alba o chionn ghoirid – aig Sabhal Mòr Ostaig gu dearbh.

Ru-ra: Fàilte air ais, a Cham. Bha sinn gad ionndrainn. Chan eil mise riamh air a bhith dhan t-Sabhal Mhòr. Feumaidh tu innse dhuinn a h-uile rud. An robh an cùrsa agad doirbh neo furasta? Cia mheud duine an robh anns a’ chlas agad? Dè rinn thu anns a’ chlas?

Cam: Uill, bha ochdnar anns a' chlas agam. Thàinig mise is tè eile bhon na Staitean is bha an còrr à Alba. ‘S e Dolina NicLeòid a bh'ann an tidsear againn; tha ise na Hearadh. Bha i snog ach bha e beagan doirbh dhomhsa a blàs a thuigsinn. Bhruidhnimaid mòran anns a' chlas agus sgrìobh sinn agus leugh sinn cuideachd.

Feasgar Diciadain chaidh sinn gu Portrigh airson "class outing." Gu mì-fhortanach, bha an t-uisge ann fad'an latha is "lean sinn dlùth tro shràidean Phortrigh"** ach bha sinne bog fluich! An uair sin ghabh sinn srùbag mhath aig Café Arriba agus thill sinn do Shabhal Mòr.


Dh'fheumamaid òran a sheinn aig a' chèilidh oichdhe Diardaoin ach cha b'urrainn dhuinn sam bith seinn idir idir. Mar sin, thàinig Christine Primrose dhan a' chlas againn. Dh'ionnsaich i dà òran dhuinn agus sheinn i còmhla ruinn aig a' chèilidh cuideachd. Air sgàth sin, sheinn sinn uamhasach math. Taing dhut, a Chairistìona!

Choinnich mi ri mòran dhaoine snog aig SMO fiù Nìall Beag agus Slèite. Thàinig Eilidh aig deireadh na seachdaine is an uair sin choinnich sinn ri Coinneach Cìr agus Graisg. Chòrd rium an t-àm agam aig Sabhal Mòr Ostaig agus ann an Alba agus chòrd rium na daoine a thachair mi ann a seo!

** A bheil sibh eòlach air an òran le Blair Douglas?


Ru-ra: Tha sin iongantach, a Cham. Bu fìor toil leam dhol an sin latha de na làithean. 'S dòcha an ath-bhliadhna ...

beachdan: 4

2.5.06: bha Blogger mona ag ràdh...

Hmmm, tha mi a' smaoineachadh gu bheil mi a' faicinn cuideigin anns an dealbh air a bheil mi eòlach. Nach eil Iain ann? An dàrna duine air an taobh deas? Bha e ann cuideachd nuair a rinn mi cùrsa aig SMO trì bliadhna air ais, bha e glè shnog is èibhinn!
Tha mi toilichte leughadh gun do chòrd an seachdain riut. 'S e àite sgoinneil a th' anns an t-SMO, nach e? Bidh mise ann a-rithist as t-samhradh, airson a' cho-labhairt "Rannsachadh na Gàidhlig".
Mona

 
2.5.06: bha Blogger Cam ag ràdh...

Hai a Mhona,

Tha thu ceart. ‘S e àite sgoinneil a th'anns an t-SMO, agus 's e Iain anns an dealbh cuideachd. ‘S e duine snog a th'ann ged a chonnsaich sinn daonnan mu dheidhinn poileataics anns a' chlas. ;-)

 
5.5.06: bha Blogger Helena Gowan ag ràdh...

Iain Twe...?

 
5.5.06: bha Blogger Cam ag ràdh...

Seadh, Eilidh. ;-)

 

Post a Comment

<< dachaigh