Àrd Ìre Ghàidhlig (Luchd-Ionnsachaidh)

Bha a' cheud dheuchainn mun "Simpsons" (am prògram air T.Bh.). Cha toil leam na Simpsons idir, ach cha robh an deuchainn doirbh. Bha na deuchainnean eile mu dh'Eige agus Latha a' Bhreacain ann an Ameireaga. Bha iad inntinneach.
Bidh mi fada a' feitheamh air an toradh ... gu 8mh den Lùnasdal!
beachdan: 4
Sgoinneil, a Ru-ra! :-) Tha mi cinnteach gun do rinn thu gu math... Carson a rinn thu sin, dìreach airson spòrs?
Hi, a Mhona.
Tha mi ag obair làn-ùine ann am Muile (agus tha mi pòsta & tha triùir chloinne agam). Mar sin chan urrain dhomh ach foghlam air astar a dhèanamh. B'e an cùrsa Àrd-Ire aig Colaiste Telford (Dùn Eideann) an cùrsa as iomchaidhe dhomh. Cha robh na deuchainnean doirbh agus chòrd an cùrsa rium.
Tha am bogsa air fosgladh an turas seo:-) leis a sin:
Gur math thèid leat rù-rà ach tha mi ag aontachadh le Mòna, ni thusa a’ chùis, tha mi cinnteach às.
Taing dhut, a Ghraisg.
Post a Comment
<< dachaigh