anns an t-samhradh

 Cam: Uill, a chàirdean, tha i beagan fuar ann a sheo fhathast ach bidh teas an-samhraidh a' tighinn a dh'aithghearr. Dè tha dol far a bheil sibh? A bheil sibh air gàrraidhean a chur?

 Ru-ra: Tha a' bhùth againn gu math trang. Tha mòran luchd-turais ann am Muile. Chan eil luchd-obrach gu leòr againn fhathast agus feumaidh mi obair a h-uile latha an-dràsta. Co-dhiù chan eil ùine agam airson a' ghàrraidh agus bidh e a' fàs fiadhaich. Ach tha mòran lusan fiadhaich ann agus tha iad brèagha - lusan nan coinnlean gorma gu h-àraidh.

 Beathag: Obh, is fìor thoil leam lusan nan coinnlean gorma! Tha iad gu math cùbhraidh anns a' mhadainn, nuair a bhios an gàradh fionnar is dealtach... Chan eil mi air a bhith ag obair cus anns a' ghàradh o chionn ghoirid, ach thug na balaich botal cubhrachd mòr dhomh airson Latha nam Màthraichean. 'S e "Gàradh Fliuch" an t-ainm a th'air.

(Tha monopolaidh aig a' chompanaidh sin air fàilidhean neònach a dhèanamh. Tha "Leann Ràcadail" is "Taigh-Nighe" a' còrdadh rium cuideachd, ach saoilidh mi nach bu toil leam "Uir!")


 Cam: Obh ‘s toigh leam a bhith ann an gàrradh fhliuch, ged a b'fheàrr leam gàrraidhean griannach. Gu mi-fhòrtanach chan eil gàrradh agam fhìn an dràsda, ach tha gàrraidhean le mòran chraobhan aig mo nàbaidhean agus bidh mi a' cluinntinn eòin fad' an latha.

San t-samhradh seo cha tèid mi dhan obair agam aig an taigh-tasgaidh idir; bidh mi a' fuireach aig an taigh is feuchaidh mi dà chaibideil de an tràchdas agam a sgrìobhadh. O chionn goirid, tha mi air a bhith leisg, ach a-nis feumaidh mi obair gu dìcheallach, gàrraidhean ann no às.

Bidh mise is Ru-ra ag obair. Dè mu do dheidhinn, a Bheathag? Am bidh thu aig an taigh a' cluich còmhla ri Vic san t-samhradh seo?


 Beathag: Cha bhi, mo thruaighe! Bidh agam ri obair anns an leabharlann gu ceithir uairean feasgar gach latha -- ach bidh an duine agam a' fuireach aig an taigh còmhla ri Vic. 'S e tidsear a th'ann, agus bidh saor-làithean sgoile fada aige -- duine sealbhach! Bidh mise ag ionndrainn mo bhalaich, ach bidh spòrs gu leòr aca.

Tha Beathag na leabharlannaiche greannach. (Dealbh bho "Librarian Avengers.")


 Ru-ra: < a' gàireachdach   :)   >   Tha mise coltach ris an dealbh sin nuair a bhios i teth agus grianach as t-samhradh. Bidh mo chlann air an traigh gainmheil faisg air an taigh againn fad an latha, agus bidh mise ag obair a-staigh fad an latha.

 Cam: Mo chreach! Cha chreid mi nach bi sinne ag obair san t-samhradh seo nuair a bhios ar clann a' cluich.