Teine
Bha 37 taighean anns a' bhaile bheag againn an t-seachdain seo chaidh, ach an diugh chan eil ach 36 ann. Loisg aon thaigh gu talamh am meadhan na h-oidhche. Gu fortanach cha d'fhuair duine bàs agus cha robh duine leònta.

Cha do dh'fhuirich duine sam bith anns an taigh sin. 'S e taigh làithean-saora a bh'ann. Thigeadh dithis do Mhuile 3 neo 4 uairean gach bliadhna agus chan fhuiricheadh iad ach airson beagan làithean. Cha robh iad ann am Muile nuair a bha an taigh na theine.
beachdan: 2
Obh obh, is truagh sin! Abair àite brèagha, glè mhath airson saor-laithean. A bheil iad beartach, na daoine aig a bheil an taigh? An rud as cudthromaiche 's e nach deach duine sam bith a ghoirteachadh anns an teine.
Chan eil mi ro eòlach air na daoine. Chan eil iad ann am Muile gu tric. Ach, tha mi a' smaoineachadh nach eil iad fìor beartach. 'S e taigh glè bheag a bh'ann.
Post a Comment
<< dachaigh