Trèanaichean tro na beanntan Apailèiseanach


Bha an rathad-iarrainn gu math cudromach airson eachdraidh na sgìre seo. 'S ann air an adhbhar seo a tha taisbeanadh ùr aig an taigh tasgaidh far a bheil mi ag obair, taisbeanadh le trèanaichean modail scèile is iad a' dol tro na beanntan is tro na gleanntan agus seachad air bailtean, tuathasan, is mèinnean. Tha na trèanaichean a' còrdadh ris na inbhich cho math ris a' chloinn.