Anns a' mhadainn

Glong glong glong glong glong. Còig uairean sa mhadainn. Tha mi nam dhùisg ach tha mi fhathast nam leapaidh. Tha mo shuilean dùinte. Anns an taigh chan eil mi a' cluintinn ach fuaim shàmhach gleoca. Tic tic tic. Tro na h-uinneagan fosgailte tha seinn na h-eòin a' tighinn. ‘S urrainn dhomh creidsinn gu bheil sìth anns an t-saoghal. Ach an-dràsda. . . às an t-sàmhchair tha mi a' cluinntinn fuaim car is i a' tighinn dlùth, is an uair sin. . . buille air an t-slighe taobh a-muigh. Tha am pàipear naidheachd air ruighinn le aithris mu dheidhinn ceannairc, goirt is ‘s dòcha tubaist bus sgoile an-dè. Bidh mi a' fuireach greiseag nam leapaidh ach a dh'aithghearr feumaidh mi èirigh is lorg na rudan matha lorg. Tha fios ‘am gum bidh iad ann, àiteigin. Feumaidh sinn uile an lorg.