Ciurm-dhealbh 1945

Bha mi aig cuirm-dhealbh 1945 ann an talla a' bhaile bhig an t-seachdain seo chaidh. Bha e math fhèin. Choimhead sinn air dà dealbhan-àbhachdais bho 1945, film-naidheachd bho 1945 agus “I know where I’m Going” – film mòr, dèante ann am Muile ann an 1945 agus roghainn film Beathag (dèan sùil air a' bhlog aice anns an Giblean 2006). Bha cuimhne aig cuid anns an talla aig an àm nuair a rinneadh an film. Dh’innis iad rinn mu dheidhinn an inneil-cheò mhòir agus an sgioba-film mhòir agus an ullachaidh-bìdh. Bha eadar-ama am meadhan an fhilm airson srùpag. Bha sin math cuideachd.

Bha an talla làn agus chòrd e ris a h-uile duine gu mòr.