Reobhart Muir-Làn

Bha mi air tìr-mòr Diluain leis a’ bhan againn. Nuair a thill mi do Mhuile Dimàirt, ‘s e reobhart muir-làn a bh’ann – ‘s dòcha an reobhart as làn dhen bhliadhna (chan eil mi cinnteach). Co-dhiù, bha e uabhasach làn agus bha an “link-span” (an rathad eadar a’ chidhe agus a’ bhàt-aiseag) fon uisge, agus feumaidh a h-uile duine draibheadh tron uisge.