Nach e amadan a th'annam

An t-seachdainn seo chaidh bha mi anns an Òban. Bha Oidhche Phàrantan aig an Àrd-Sgoil agus bha agam ri fuireach ann an leabaidh ‘s breacaist anns an Òban an oidhche sin. (Falbhaidh an ath-bhàt-aiseig Muileach aig 4.00f anns a’ gheamhradh.)

Bha agam ri a’ cheud bhàta a bheirsin an ath latha. Mar sin, dh’feumainn èirich aig 6.30m. Tha uaireadair-dùsgaidh anns an fhòn-laimh agam. Rinn mi cinnteach gun robh an uaireadair-dùsgaidh aig 6.30. Thug mi sùil air a-rithist – bha, bha e aig 6.30 ‘sa mhadainn. Fhuair mi cinnt air a-rithist – bha, bha an uaireadair-dùsgaidh air. Mar sin, chaidh mi dhan leabaidh agus thuit mi ann an suain.

Anns a’ mhadainn … brrr, brrr … dhùisg an fhòn mi. Dh’èirich mi, ghabh mi frasair, chuir mi aodach umam, sheall mi ris an uaireadair-làimhe agam. Bha e 5.55m. 5.55m!! Ach, ciamar? Dhùisg an uaireadair-dùsgaidh mi aig 6.30m. An uair sin, choimhead mi air an fhòn-laimh, cha do dh’atharachadh mi an uair nuair a chaidh na gleocan air ais airson a' gheamhraidh. Abair amadan!

beachdan: 2

30.12.06: bha Blogger mona ag ràdh...

Cha do leugh mi sin gus an-diugh, ach tha mi ag iarraidh innse dhut: Tha mise gu math coltach ri sin cuideachd! :D Bidh rudan mar sin a' tachairt agam gu tric, gu h-àraidh nuair a thèid na h-uaireadairean air ais no air adhart as t-earrach / 'san fhoghar... Uaireigin shuidh mi aig a' choimpiutair 'sa mhadainn agus a' chiad rud a thàinig 's e bràth gun deach an uaireadair air cur uair a thìde air adhart air sgath an t-samhraidh. Ceart gu leòr, bha mi a' smaoineachadh, cha robh mi uabhasach toilichte (oir bha e cho anmoch mar-tha!) ach chreid mi sin gun teagamh, oir 's e an uaireadair anns a' choimpiutair a rinn sin. Mu mheadhan-latha chaidh mi dhan obair, agus thuirt an ceannard rium: "Dè tha thusa a' dèanamh an-seo cho tràth?" - Tràth? Bha an t-iongnadh orm. "Nach eil sinn air gluasad do uair an t-samhraidh?" thuirt mi, agus choimheadh an ceannard orm mar gum bitheadh mi gu tur às mo chiall. "Chan eil", thuirt i, "thachair sin am mìos 'sa chaidh mar-tha".
Chan eil fhios agam idir dè bha cheàrr leis a' choimpiutair ud... ;)

Post a Comment

<< dachaigh