Coineanaich

'S urrain dhuinn d'fhaicinn!Tha mòran choineanach a’ fuireach air an fheurach coitcheann faisg air an taigh againn. Bhiodh cat againn. Chumadh an cat na coineanaich a-mach bhon gàrradh againn. Ach bhàsaich an cat an uiridh. (Bha i 18 bliadhna a dh’aois.) Agus a nis ... ‘s ann anns a’ gàrradh againnse a tha na coineanaich ... agus 's e cladhaich a thog iad anns an fhaiche.

coineanach dona

Chan eil an duine agam toilichte idir. Bidh na coineanaich ag ithe nam flùraichean agus tha toll mòr anns an fhaiche.

Ach tha cuileanan-coineanaich ann an dràsta agus tha iad cho snog. Is fìor thoil leam coimhead orra.

Snog gu dearbh


Mar sin, dè bu chòir dhuinn a dhèanamh? Tha an duine agam airson tron dachaidh a chladhaich. Tha a’ chlann ag iarraidh cat eile. Agus mise? Chan eil fhios agam. Chan eil mi airson an dachaidh a sgrios idir, ach chan eil fhios agam ma tha mi deiseil airson cat eile, agus tha na cuileanan-coineanaich grinn, nach eil?

Càite air an t-saoghal an robh Eilidh agus Cam?

"Tha an dorus buidhe is còig sgrìobhte air," ars' an guth air a' fòn. OK ma tha. Choisich mise is Eilidh tron na sràidean den bhaile beag snog gus an do ràinig sinn aig còig. Bha duine àrd is a bhean chàirdeil ann còmhla ris na coin is a' chat geal aca. Bha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn Gaidhlig is an t-saoghail. An uair sin choisich sinn anns a' ghàrradh is làimh ris an abhainn far an do choimhead sinn air na lusan is na lachan. Mu dheireadh thall fhuair sinn fish and chips bhon a' chippie air an oisin. 'S e latha math a bh'ann gu dearbh, ach càite an robh sinn?

"tha fhios agam far a bheil mi a' dol"

Chan eil mi air a bhith a' sgrìobhadh air a' bhlog againn cho tric a chionn 's gun robh mi beagan tinn. Ach tha mi a' faireachdainn fada nas fheàrr a-nis agus tha mi airson a bhith a' sgrìobhadh is ag ionnsachadh a-rithist mar bu ghnàth leam.

A' mhìos seo chaidh, bha agam ri fuireach san leabaidh gu minig. Cha robh e cho dona, ge-tà -- rinn an duine agam rudeigin sgoinneil airson cur-seachad. (Tha mi gu math fortanach; 's e duine iongantach a th'ann is tha mòran smuaintean èibhinn aige.)

Rinn an duine agam taigh-dhealbh prìbheideach anns an seòmar-cadail againn! Ghabh e iasad de thilgeadair bhon sgoil aige 's chan robh e fada mus robh mi a' coimhead filmaichean air a' bhalla.

An toiseach, choimhead mi am film "Tha Fhios Agam Far a Bheil Mi a' Dol."

A bheil sibh eòlach air an fhilm seo? Ainm neònach, nach e? Ach 's e seann fhilm a th'ann 's nam bheachdsa tha e fìor thaitneach -- agus chaidh a dhèanamh ann am Muile. 'S urrainn dhut tòrr Gàidhlig a chluinntinn anns an fhilm. (Uill, tha fada a bharrachd de Ghàidhlig anns an fhilm seo na tha sinn a' cluinntinn anns a' mhòr-chuid de filmaichean romansach mu dheidhinn Alba.) Agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil e a' cur urram air cultar na Gàidhealtachd ann an dòigh neònach, aotrom.

Beagan "trivia" bhuaibh: bha Rù-ra ag innse dhomh gun robh an seanair aig an duine aice ag obair mar "extra" anns an t-sealladh leis a'bhàta anns an fhilm seo. Nach e saoghal beag a th' ann?