cartadh cèiteanach

'S dòcha gu bheil mi beagan leisg, ach chan àbhaist dhomh an cartadh cèiteanach a dhèanamh. Co-dhiù, dh'imrich mi dìreach sia no seachd seachdainean air ais is tha am flat agam buileach glan fhathast. A dh'aindeoin sin, thuirt an uachdaran ris a h-uile duine a tha a' fuireach anns an togalach seo gur h-e an t-àm a th’ann airson an steall biastag bliadhnail. Air an adhbhar sin, feumaidh sinn a h-uile rud a thoirt a-mach às a' chidsin roimhe madainn Chiadain. Uill, rinn mi sin. Thàinig an steallaire biastagan is an-dràsda, feumaidh mi a h-uile rud a chuir air ais! Abair bùrach! Càit' a bheil a’ phoit teatha?

Soraidh leis na beanntann

O chionn dà mhìos dh'imrich mi bho Thennessee a dh'Illinois, àite far nach eil beantann ann idir. Tha mi ag obair pàirt-thìde ann an leabharlann, an aon leabharlann far a bheil mo phiuthar ag obair, is ‘s toigh leam a bhith an seo. Cha robh mi air luchd ionnsachaidh Ghàidhlig lorg san àite seo fhathast, ach tha beagan dhiubh ann am baile nach eil fad air falbh. Chaidh mi ann an deireadh seachdain sa chaidh is choinnich mi riutha. ‘S dòcha gum bi iad a’ tighinn an seo an ath mhìos.