Coineanaich
Tha mòran choineanach a’ fuireach air an fheurach coitcheann faisg air an taigh againn. Bhiodh cat againn. Chumadh an cat na coineanaich a-mach bhon gàrradh againn. Ach bhàsaich an cat an uiridh. (Bha i 18 bliadhna a dh’aois.) Agus a nis ... ‘s ann anns a’ gàrradh againnse a tha na coineanaich ... agus 's e cladhaich a thog iad anns an fhaiche.
Chan eil an duine agam toilichte idir. Bidh na coineanaich ag ithe nam flùraichean agus tha toll mòr anns an fhaiche.
Ach tha cuileanan-coineanaich ann an dràsta agus tha iad cho snog. Is fìor thoil leam coimhead orra.
Mar sin, dè bu chòir dhuinn a dhèanamh? Tha an duine agam airson tron dachaidh a chladhaich. Tha a’ chlann ag iarraidh cat eile. Agus mise? Chan eil fhios agam. Chan eil mi airson an dachaidh a sgrios idir, ach chan eil fhios agam ma tha mi deiseil airson cat eile, agus tha na cuileanan-coineanaich grinn, nach eil?