Is mise antaidh!

'S e piuthar-màthar a th'annam mu dheireadh thall! Rugadh mo mhac-peathar beag Didòmhnaich sa chaidh ann an Lexington, Kentucky. 'S e Nathaniel, no "Nate" an t-ainm a th'air. Tha falt ruadh air, coltach ri athair is a mhàthair, agus tha e sàmhach is cho milis ris a' mhil -- gu seo...

Seo dealbh an leanaibh. (Agus 's e duine air leth sona a th'ann an mo bhràthair-céile, cuideachd.)

A mhic mo pheathar, fàilte dhan t-saoghal mhòr.

beachdan: 1

7.7.06: bha Blogger Ru-ra ag ràdh...

Meal an naidheachd air na pàrantan ùra agus air Antaidh Beathag.

 

Post a Comment

<< dachaigh