Bha North Carolina làn Gàidhlig


Aig tòiseach an Iuchair chaidh mi a North Carolina airson bùtha-obrach Gàidhlig. Bha 47 oileanach is 5 tidsearan ann agus bha an t-seachdain math math. Bha clasaichean òrain is cànain againn agus bha tìde ann airson spòrs is fealla-dhà cuideachd. Aig deireadh na seachdaine bha am Mòd North Carolina ann. Anns an dealbh seo, air an taobh chlì, chì sibh Ceana Chaimbeul is Fiona NicChoinnich, a bha nam breitheamhan. An aithne dhuibh am boireannach air an taobh dheas? ‘S e “CuisMhagaidh” agus ‘s e seinneadair math dha-rìribh a th’innte.