Nora, mo leanabh

Teachdaireachd ghoirid bhuam, mu dheireadh thall...

Seo mo nighean bheag! Chan eil i ach trì seachdain a dh'aois. 'S e "Eleanor," no "Nora" an t-ainm a th'oirre agus cha chreid mi nach eil i bòidheach -- creutair maoth, mìorbhaileach is gràdhach. (Tha Mamaidh a' smaoineachadh gu bheil, co-dhiù!)

Tha sinn uile gu math agus glè shona.

beachdan: 6

17.10.06: bha Blogger Helena Gowan ag ràdh...

This comment has been removed by a blog administrator.

 
17.10.06: bha Blogger Helena Gowan ag ràdh...

ò! Abair leannabh àlainn! Meall do naidheachd, a Bheatag! còrdadh e rium naidheachd fhaighain oirre bho àm gu àm.

 
17.10.06: bha Blogger Cadalach ag ràdh...

Fìor dheagh naidheachd -- tha mi cho toilichte. Agus, feumaidh mi ràdh... Fàilte gu Tìr nam Blòg, a Nora! :-)

 
18.10.06: bha Blogger mona ag ràdh...

Meal ur naidheachd agus beannachd air an teaghlach! :-) Abair nighean milis, abair ainm àlainn. Tha mi an dòchas gu bheil sibh uile gu math.
Mona

 
19.10.06: bha Blogger Unknown ag ràdh...

Meal do naidheachd a Bheathag.

Tha iomadh beatha ùr ann an saoghal na Gàidhlig, nach eil?

 
19.10.06: bha Blogger Bethany ag ràdh...

Tapadh leibh, a chairdean. :-) Tha sinn cho toilichte! Bidh tuilleadh agam mu a deidhinn an seo bho àm gu àm gun teagamh...

 

Post a Comment

<< dachaigh