Latha Nollaig agus Oidhche Challain

 Ru-ra: Uill, a chàirdean. 'S fhada bhon a bhruidhinn mi ribh. Nollaig chridheil agus bliadhna mhath ùr dhuibh agus mòran dhiubh! Dè rinn sibh Latha Nollaig agus Oidhche Challainn agus Latha na Bliadhna Ùire? Uill, sinne, rinn sinn an àbhaist. Thàinig an teaghlach dhan taigh againn Latha Nollaig agus dh’ith sinn cus, ach bha spòrs agus mireadh againn. Agus Oidhche Challainn ... mo roghainn oidhche ... dh’fuireach sinn aig an taigh againn gu meadhan oidhche. An uair sin, chaidh sinn air ceilidh air taigh sam bith a bha solas aige. Chaidh sinn dhan leapannan againn mu seachd uirean ‘sa mhadainn. Dh’èirich sinn am feasgar sin agus lean sinn air na cèilidhean. Agus, dè mu ur deidhinn? Dè rinn sibh?

 Cam: O mo chreach, a Rù-ra! Bha thu trang aig àm Nollaig gu dearbh. Bha na laithean sin nas sàmhaiche dhomhsa ged a bha mòran spòrs agam is aig mo theaghlach. Chur mo mhac Caleb dola gu Molly, mo phiuthair. Uill, a dh’innse na fìrrin, ‘se cumadh beag fiodha a th’ann, mu throigh an àirde. Ghabh sinn ainm air is rinn sinn aodaich le pìosan pàipeir air a shon.
Seo agad Bruce air Cadillac Mountain ann am Maine (dealbh a rinn duine mo pheathar). Chithear gun robh sinn gu math trang cuideachd!

Agus dè a rinn thusa, a Bheathag? An robh thu trang neo sàmhach aig àm Nollaig?


 Beathag: Cha robh sinn sàmhach idir, a Cham! Bha seo ar ciad Nollaig còmhla ri Nora (ar leanabh bòidheach) agus Nate, mac beag mo phiuthar. Bha Nora trì mìosan a' dh'aois air Oidhche Nollaig, agus tha Nate mu chuairt air sia mìosan a' dh'aois. Chan eil Vic (ar mac) ach trì bliadhnaichean... mar sin, bha na saor-làithean glè thrang is aighearach. Seo Nora agus Nate:

Dh'fhuirich sinn aig taigh mo phàrantan ann an West Virginia ùine mhòr. Thàinig Bodach na Nollaig an siud, agus thug e mòran leabhraichean agus giotar beag do Vic. (Chan eil Vic na spùinneadair-mara an-diugh... 's e "rockstar" a th'ann!)

Às dèidh sin chaidh sinn air ais gu Virginia airson Oidhche Challainn a chumail còmhla ris na pàrantan aig an duine agam. Bha spòrs againn.

Seo caraid ùr aig Vic -- luch mhòr le coineanach beag ann an màla-droma aige. 'S e "Caiptean Sabhs-Ubhal" an t-ainm a th'air, agus rinn mi mi-fhìn e mar tiodhlac nollaige airson balach beag math. (Ach dè an t-ainm a th'air an coineanach sin? Tha Vic a' smaoineachadh gu bheil e coltas ri uan; mar sin, 's e "Lamby" an t-ainm a th'air. Obh uill.)

beachdan: 1

23.12.09: bha Anonymous Anonymous ag ràdh...

All in Gaelic. Nice.

 

Post a Comment

<< dachaigh