"is thog iad àiteachan parcaidh"



A bheil cuimhne agad Bob Dylan neo Joni Mitchell a' seinn, "They paved paradise and put up a parking lot"? Ann an Champaign, Illinois, bidh iad a' leagail leabhar-lann is an uairsin bidh iad a' togail àiteachan parcaidh. Carson a tha sinn uile air ar togail? Uill, airson aon bhiadhna tha iad air a bhith a' togail leabhar-lann ùr ri taobh an leabhar-lann aosda. Mu dheireadh thall, tha an leabhar-lann ùr gu bhith deiseil. Thèid na leabhraichean a ghluasad dhan leabhar-lann ùr ann am meadhan na Dùbhlachd is an uairsin thèid an leabhar-lann aosda a leagail. Anns an àite sin bidh iad a' togail mòran àiteachan parcaidh. Tha an togalach làthaireach aosda, ro bheag dhuinn-sa is uamhasach grannda. Bidh sinn uile, na daoine a bhios ag obair anns an leabhar-lann is na daoine a' fuireach ann an Champaign, gu math toilichte nuair a bhios an leabhar-lann ùr againne fosgailte. (an leabhar-lann ùr,clì; am fear aosda, deas)