Budhaigean


Tha na budhaigean air ais. Bha mi ann an Stafa (eilean beag faisg air Muile) Disathairne. Agus thàinig na budhaigean air tìr - 's ann a' chiad àm a bha iad air tìr am bliadhna. 'S toil leam na budhaigean gu mòr. Tha iad gu math soitheamh 's càirdeil. Agus tha coltas comaig orra. Nach eil iad snog?