Oidhche Shamhna

 Cam: Feumaidh mi poca mòr suiteis a cheannachd a dh'aithghearr air sgàth 's gun tig Oidhche Shamhna. Chan eil mòran chloinne a' fuireach anns a choimhearsnachd agam ach tha tòrr oileannach ann is 's toigh leotha suiteis cuideachd. Dè a nì sibh airson Oidhche Shamhna?

 Beathag: A bheil oileannach a' "trick-or-treating" anns a' choimhearsnachd agad, a Cham? Abair aghaidh! Tha mòran, mòran chloinne òga a' fuireach anns a' bhaile againn, agus bidh iad ag iarraidh suiteis air Oidhche Shamhna.

Tha culaidh-choimheach aig Vic, ar mac: bidh e na neach-smàlaidh (còmhla ri iomadh duine anns an teaglach agam, gu fìrinneach). Cuiridh mi dealbh dheth air a' bhlog a dh'aithghearr!


 Ru-ra: 'S ann ann am Muile a bhith Oidhche Shamhna a' còrdadh ris a' chlann gu mòr. Bidh iad air a h-èideadh mar bhana-bhuidseach neo thannasg neo rud sam bith eagalach. Tadhailidh iad air a h-uile taigh anns a' bhaile-beag agus gabhaidh iad òran eagalach neo aithrisidh iad bàrdachd eagalach. Agus bheir an neach-taighe dhaibh suiteas neo ubhal neo cnòthan.

 Cam: Uill, a chàirdean; tha mi’n dòchas gum bi suiteas gu lèor agaibh. ‘S dòcha bidh mise ann an culaidh-choimheadh a’ tighinn dhan taigh agaibh a dh'aithghearr!

Nora, mo leanabh

Teachdaireachd ghoirid bhuam, mu dheireadh thall...

Seo mo nighean bheag! Chan eil i ach trì seachdain a dh'aois. 'S e "Eleanor," no "Nora" an t-ainm a th'oirre agus cha chreid mi nach eil i bòidheach -- creutair maoth, mìorbhaileach is gràdhach. (Tha Mamaidh a' smaoineachadh gu bheil, co-dhiù!)

Tha sinn uile gu math agus glè shona.