Smeuran

 Ru-ra: Am bliadhna seo tha smeuran gu leòr ann. Bha mo mhac agus mi-fhìn a’ buain tòrr smeuran an deireadh-seachdainn seo chaidh. ‘S ann an trì puinnd de smeuran a b’urrainn dhuinn a bhuain a h-uile deich mionaidean. Mar sin bha mi gu math trang anns a’chidsin: rinn mi ceicean-smeura, reòiteag smeura agus mìlseanan smeura eile. Nì mo mhàthair sìlidh, ach cha dean mise. Dh’fheuch mi dà uair sìlidh a dhèanamh: uair bha e mar tofaidh agus an uair eile bha e mar sùgh!

 Cam: Obh, a Rù-ra. Gu dearbh ‘s toigh leam smeuran is bhuaininn iad o chionn fhada nuair a bha mo chuid clann òg. Bhuaineamaid smeuran is cuideachd sùbhaichean-làir is sùbhaichean-craoibh - dubha is dearga, is dhèanainn sìlidh is pàidhichean. Sna làithean seo ged a ‘s toigh leam smeuran fhathast, cha buainidh mi iad gu tric. A dh’innse na fìrinn, cheannaich mi bocsa dhiubh anns a’ mhadainn an-diugh.

 Ru-ra: 'S toil leam sùbhaichean-craoibh gu mòr. Ach chan eil iad a' cinntinn ach ann an gàrraidhean. Chan fhaca mi subh-craoibh fiadhaich a chinntinn ann am Muile riamh. Tha beagan sùbhaichean-làir fiadhaich an seo ged-tà, ach cha mhòr ann. Bidh sinn a’ buain cnòthan-challtainn a dh'aithghearr cuideachd. A bheil iad agad ann an East Tennessee?

 Cam: Uill, tha, tha iad ann, ach cha robh mi a' buain iad a-riamh. Tha cnothan eile ann an seo cuideachd, gall-cnothan is pecans. Tha mi duilich; 's Carya pecan a th'orra anns an Laideann, ach chan eil fios agam an t-ainm aca anns a' Ghàidhlig. 'S dòcha chan eil iad a' fàs ann an Alba. A bheil fios aig neach sam bith?

Càit' an robh mi?


Air an 20mh dhen Lùnastal dh’fhàg mi an taigh agam ann an Tennessee tràth sa mhadainn is shiubhal mi fad an latha air itealan is bus. Chaidh mi dhan àite far an robh Gàidhlig aig a’chuid bu mhotha dhen daoine anns an naoidheamh linn deug is cluinnear i fhathast san latha an-diugh. An urrainn dhuibh ainm a’ bhàt’-aiseig anns an dealbh seo a leughadh? (Se "Caolas Sìlis" a th'ann.) Anns an àite seo chuala mi iomadh còmhradh is òran Gàidhlig. Anns an àite seo tha mòran dhaoine aig a bheil ainmean leithid MacNèill, MacIllEathainn, is MacChoinnich is tha na daoine ro phròiseil às an dualchas Albannach aca.

Càit’ an robh mi?