Ceilidh Idhe

Bha ceilidh ann an I Chaluim Chille dihaoine. Seòlaidh am bàt'-aiseig Chaledonian Mhic a' Bhruithainn mu dheireadh eadar Muile & I aig 6.00f. Ach thog am bàta Stafa daoine bho Mhuile gu I aig 7.30f airson na ceilidhe. Bha pìobairean a' feitheamh aig a' chidhe Idhe. Nuair a ràinig am muinntir Mhuile, thàinig a h-uile duine an dèidh na pìobairean agus choisich sinn uile do Thalla Idhe.


An uair sin thòisich a' cheilidh. Agus abair ceilidh! Bha ceòl gu leòr: pìobaireachd, seinn, bogsa, giotàr; agus sgeulachdan & fealla-dhà. Aig 9.30f ghabh sinn srùbag agus an uair sin thòisich an dannsa. Bha e math dha rìribh. Rìdhleachan agus a h-uile dannsa air www.scottishdance.net .

Aig 12.45m threòraich na pìobairean sinn gu far an robh am bàta a' feitheamh agus shèol sinn air ais gu Muile ... anns an dorchadas ... sheinn pìobaire a phìob ann an deireadh a' bhàta.

Is mise antaidh!

'S e piuthar-màthar a th'annam mu dheireadh thall! Rugadh mo mhac-peathar beag Didòmhnaich sa chaidh ann an Lexington, Kentucky. 'S e Nathaniel, no "Nate" an t-ainm a th'air. Tha falt ruadh air, coltach ri athair is a mhàthair, agus tha e sàmhach is cho milis ris a' mhil -- gu seo...

Seo dealbh an leanaibh. (Agus 's e duine air leth sona a th'ann an mo bhràthair-céile, cuideachd.)

A mhic mo pheathar, fàilte dhan t-saoghal mhòr.

An Leabharlann

Chaidh mi dhan leabharlann an diugh. Uill, thàinig an leabharlann thugamsa. Bidh bhan an leabharlainn a’ tighinn an seo gach 4 seachdain airson uair gu leth.

Na tunnagan agamsa


Bha Cam ag innse dhuinn mu Loki, a cat a tha a’ fuireach air an sgàil-thaigh aice. Uill, mi fhìn, tha dà thunnag agamsa. Tha iad a’ fuireach anns a’ ghàrradh agam agus tha iad air a dhèanamh de dh’umha. Chan eil ainmean aca, ach is toil leam iad gu mòr.

Mo chat

‘S e Loki an t-ainm a th'air an cat agam. Tha mòran chait nam choimhearsnachd - cait bheaga, cait mhòra, cait aosda is cait òga. Tha cait gheala, dhubha, is ruadh, cait reamhar is cait thana ann, ach tha ach aon cat leacadh ann is tha e agamsa. Seadh a chàirdean, tha Loki leacadh. A thaobh air a bhith leacadh, tha Loki uamhasach sàmhach, modhail is chan eil e ag ithe mòran. Uill, a dh' innse na fìrinn, chan eil e ag ithe càil air sgàths gu bheil e dèante de meatailt agus tha e an còmhnaidh a' fuireach air an sgàil-thaigh agam faisg air an dorus.