Oops!


Sanas aig a’ chidhe-aiseig anns an Oban.
Bu chòir dhaibh a bhith air An Dearbhair ùr ùisneachadh!

'S e geamhradh a th'ann fhasthast

Sgrìobh mi an dè gun do ràinig mòran luchd-turais ann am Muile Didòmhnaich. Bha iad airson dol do dh’Eilean Idhe. Mar sin, rug iad air a’ chiad bhàt’-aiseig bhon Òban gu Creag an Iubhair (Muile). An uair sin dhràibh iad tro Mhuile gus an do ràinig iad Fionnphort aig meadhan-latha. Bha trì uairean aig na luchd-turais airson beirsinn air a’ bhàta eadar Fionnphort agus I (cha bhi an turas a’ toirt ach 10 mionaidean a thìde), cuairt timcheall I a dhol agus beirsinn air a’ bhàta air ais do Fhionnphort. Trì uairean – àm gu leòr, nach e? Chan e ...

A dh’aindeoin na h-aimsire bhrèagha, ‘s e geamhradh a th'ann. Beiridh am bàta 250 luchd-aiseig as t-samhradh, ach chan fhaod am bàta ach 50 luchd-aiseig a bheirsinn anns a’ gheamhradh (riaghailtean sàbhailteachd). AGUS a rèir a’ chlàir-ama gheamhraidh chan e ach aon bhàt-aiseag gach uair.

A bheil thu math air matamataic?

5 busaichean @ 50 duine an urra ≠ dà bhàta @ 50 duine an urra

Mar sin bha a’ bhùth agus an taigh-seinnse ann am Fionnphort dian-trang gu dearbh.

Agus, gu h-obann, aig 3.15f dh’fhag na luchd-turais anns na busaichean aca airson beirsinn air a’ bhàt-aiseag mu dheireadh dhan Òban. Agus bha Fionnphort sàmhach a-rithist.

Bidh an samhradh a’ tighinn.


Bith an samhradh a’ tighinn. ‘S e còig busaichean-turais a ràinig an seo an diugh.

a dèanamh siorap bho chraobhan



An t-seachdain sa chaidh rinn sinn siorap aig an taigh-tasgaidh far a bheil mi ag obair. Thàinig mòran luchd-tadhail airson ar cuideachadh fiù ‘s gun robh i fuar an latha sin. An toiseach tholl Oscar na craobhan (Acer saccharum, neo sugar maple, anns a' Bheurla) is chruinnich e an sùgh ann an cuinneagan. An dèidh sin ghoil e an sùgh. Bidh e coltach ri uisge, ach bidh e beagan milis. Feumaidh sibh faisg air leth-cheud galanan sùigh a chruinneachadh airson aon galan sioraipe a dhèanamh! Bha sinn ag obair fad an latha is cha do rinn sinn ach aon galan sioraipe, ach abair siorap mhath!

uair dhen t-saoghal...

 Beathag: Bidh sinn a' faighinn mòran fhreagairtean inntinneach dhan bhlog againn. O chionn ghoirid, dh'fhaighnich Liam dhuinn (an siud) ciamar a thachair sinn ri chèile. Uill, uair dhen t-saoghal...

 Cam: ...bha triùir bhoireannach ag ionnsachadh na Gàidhlig agus bha sinn uile nar ball de fòram ris an canar savegaelic.org.

 Ru-ra: Agus bha dithis daoine anns an fhòram sin. 'S e Cadalach agus Graisg na h-ainmean a bh'orra...

 Beathag: agus bha iad a' fuireach còmhla ri an caraidean ann an Tìr nam Blogaichean Gàidhlig. 'S e àite iongantach a bh'ann an Tìr nam Blog!

 Ru-ra: Aon latha, sgrìobh Graisg post-d gu Ru-ra: “A Ru-ra, Bu chòir dhut blog a sgrìobhadh. Tha e spòrs agus thig leasachadh air a’ Ghàidhlig agad.”
Ach sgrìobh Ru-ra air ais: “O, cha bu chòir, cha bu chòir, cha bu chòir. Chan eil fios agam dè sgrìobhainn ann am blog agus chan eil ùine gu leòr agam.”


 Cam: Sgrìobh Graisg an aon post-d gu Cam. Thuirt e gum bhiodh a' chuid Ghàidhlig aice a' dol am feabhas troimh sgrìobhadh, agus cha chreid i nach robh e ceart.

 Beathag: Air an latha fhèin, sgrìobh Cadalach post-d gu Beathag: "Mo chreach, a Bheathag, tha beagan Gàidhlig agad, mu dheireadh thall! Bu chòir dhut blog a sgrìobhadh cuideachd." Ach thuirt Beathag leatha fhèin: "Och, chan urrainn dhomh sin a dhèanamh nam aonar!" Agus smaoinich i mu dheidhinn nam banacharaidean ùra aice air an fhòram.

 Ru-ra: Agus sin e - 's e coire Bheathaig (agus Ghraisg & Chadalaich)!

Cill Rìmhinn an aghaidh Muile



Cill Rìmhinn Muile

Nach eil Alba bòidheach? Chaidh mi do Chill Rìmhinn an t-seachdain seo chaidh agus thill mi do Mhuile an ath latha. Tha aig an dà dhiubh:

  • tràighean mòra ghaineamheach
  • mòran luchd-turais
  • iomadh làrach arsaidh

Ach ‘s fheàrr leam Muile. Chan eil Muile cho fuar ri Cill Rìmhinn (a dh’aindeoin na bhios na dealbhan seo a’ sealltainn) agus tha na beanntan Muileach nas motha, na monaidhean nas riasgail, na creagan nas sgorach … (Tha deòin-bhàidh agam ri Muile, co-dhiù!)

Caoraich

Gàrradh-aghaidh no gàrradh-chaorach?

Na biadh roinneil againn

Cam: Sgrìobh Crunluath o chionn ghoirid (air an fhòrum) mu dheidhinn "skirlie" is a-nis tha mi a' smaointinn mu dheidhinn bidhe roinneil, neo "regional food" mar a chanas iad anns a' Bheurla. Chan eil mi air skirlie ithe idir, ach tha pailteas bidhe roinneil againn anns na beanntan de Tennessee, rudan mar hama is cornbread is "ramps." Tha am ramp a' buintainn don aon teaghlach ris an uinnean is tha blas uamhasach laidir annasach air. Bidh na daoine an seo ‘gan ithe as t-earrach airson na slàinte.

A chàirdean, dè an seòrsa bidhe roinneil a th'ann, far a bheil sibh a' fuireach?


Ru-ra: ‘S e buntata ‘s sgadan saillte a th’anns am biadh dualchasach ann am Muile – sgadan a tha air a bhith grèidhte ann an uisge saillte. Bidh thu a’ bruich na sgadain saillte ann am fìor-uisge, an uair sin bidh thu a’ tilgeadh an uisge a-mach, gam bruich a-rithist ann am fìor-uisge ùr, a’ tilgeadh a-rithist an uisge a-mach agus mar sin air adhart ceithir no còig uairean. Mura biodh tu a’ dèanamh seo 4-5 uairean, bhiodh na sgadan ro shaillte.

Beathag: Chan eil mi cinnteach gum biodh sgadan saillte a' còrdadh rium, ach tha mi deònach a bhith gam feuchainn! 'S docha gum biodh iad math le "fried green tomatoes..." An robh sibh air tomato anabaich ithe idir? Mura frighig thu iad le salann is piobar dubh is cornmeal, chan eil iad glè bhlasda...
Dealbh bho am blog aig Jenny Vorwaller.


Ru-ra: “Tomato anabaich” … is neònach leam sin.
‘S toil leinn mìlseanan ann an Alba. An do bhlais sibh riamh air bonnach-praise (“Clootie Dumpling")? Tha e beagan coltach ri cèic-mheasan ach ceangailear e ann am brèid agus bruichear e fad trì uirean. ‘S ann blasda a tha e … blàth no fuar.
Dealbh bho Scots Magazine, ach 's fheàrr leam an reasabaidh air Country Life.


Cam: Uill, chan eil mi air bonnach-praise ithe nas motha, ach tha an t-acras mòr agam!

Beathag: Ma tha an t-acras ort, a Cham, carson nach eil thu a' dol gu "fèis nan ramps?" (Yuck.)

Cam: Tiugainn!