Bidh an t-earrach a' tighinn

Seadh. Tha fios ‘am. Tha i fuar taobh a-muigh is bha i a' cur sneachd a-rithist a-raoir. Tha ceithir oirlich sneachd air an talamh an seo anns a' ghleann is tha seachd neo ochd oirlich shuas na beanntan. Anns na pàircean chithear slaodanan an àite baidhsagalan. Bidh a h-uile duine a' cur oirnn ad is miotagan.

Ach a dh'aindeoin sin, tha mi cinnteach; tha an t-earrach gu firinneach a' tighinn. Tha fios ‘am o chionn 's gu bheil mi air na comharrachaidh fhaicinn anns na craobhan. Chan eil duilleagan ann fhathast ach tha atharrachaidhean eile a' nochadh.

Bidh an snodhach a' ruith cheana anns na craobhan ris an canar "sugar maple" anns a' Bheurla (Acer saccharum) is bidh sinn a' dèanamh siorap a dh'aithghearr. 'Se comharradh eile a th'ann gu bheil na gucagan a' fàs nas motha air na geugan. Seo agaibh dealbh nan gucagan air coin-bhile (Cornus kousa) anns an gàrradh agam.

Na h-àiteachan far a bheil sinn a' fuireach

Tha an triùir againn a' fuireach aig astar ann an àiteachan dìofaraichte, ach ‘s dòcha bu bheil iad coltach cuideachd.

 Cam: Tha mise a' fuireach anns a' phàirt de na Staitean Aonaichte ris an canar na Appalachians. Chan eil na beanntan seo ro àrd, ach tha iad uabhasach fiadhaich. A bharrachd air sin, tha iad mìorbhaileach alainn, nam bheachdsa co-dhiù.



 Beathag: 
Tha mi a' fuireach anns na Beanntan Apailèiseanach cuideachd, mu dhà cheud gu leth mìle air falbh bhuat, a Cham. 'S ann ann an Gleann Shenandoah a tha mi a' fuireach. Tha an gleann glè cheòthach 'sa mhadainn, ach àillidh gu dearbh. Èiridh a' ghrian os cionn nam beann gach madainn nuair a bhios mi a' dràibheadh dhan obair.



 Ru-ra: 
Tha mòran bheann againn ann am Muile cuideachd - 's e Beinn Mhòr an t-ainm a th'air an tè as àirde. (Ainm mac-meanmnach, nach e?) Thig mòran luchd-turais an-seo a h-uile bliadhna. Cha tig iad ach airson na beanntan fhaicinn (neo a streap), tha tràighean gainmheil, uillt, iolairean, dòbhrain, ròin agus caisteal ann cuideachd. Agus thig mòran dhaoine an seo airson dhol a-mach air bàta gu Staffa airson Uamh Fhingal fhaicinn, neo air a' bhàt-aiseig do dh'Eilean Idhe (ach aon mhìle a Muile). Am faigh an dithis agaibh mòran luchd-turais?



 Beathag: Gheibh. Tha mòran dhaoine a' tighinn dhan àite seo airson a dhol air saor-làithean, no airson cèilidh air oileanaich aig University of Virginia. Stèidhich Thomas Jefferson an t-oilthigh ann an 1819, agus bha e na dealbhadair thoglaichean cuideachd. Bha Edgar Allen Poe na oileanach an-seo agus bha William Faulker na ollamh. Ach mur eil thu dèidheil air eachdraidh no litreachas, is dòcha gum b' fheàrr leat fìon òl! Tha tòrr fìon-liosan ann an seo.


 Cam: Gheibh mòran luchd-turais an seo cuideachd, ged a tha an t-aite seo beagan iomallach air sàilleabh nam beann. Thig daoine gu h-àraidh as t-samhradh airson na slighe Apailèiseanaich a choisich. Bidh an t-slighe seo a' dol tron beanntan fad barrachd air dà mhìle mìle bho Georgia gu Maine Thig luchd-turais eile, a nach bu toil leotha streap, airson dràibhidh tron beanntan air a' Bhlue Ridge Parkway. Is thig daoine eile airson iasgaich neo càmpachaidh; thig duine cuideachd airson dealbhan a pheantadh no a thogail le camara. Bhiodh e nas sàmhaiche anns a' bhaile seo a gheamhradh ach tha oilhigh mòr roinneil ann is cha chreid mi nach eil càr aig gach oileanach!


 Ru-ra: Bidh Muile gu math sàmhach a gheamhradh. Bidh mòran thàladhan stèidhichte airson luchd-tadhail agus àiteachean-fuirich dùinte. Còrdaidh e rium gu mòr mar sin. Bidh àm ann airson chlasaichean Gàidhlig agus spòrsa.

faclan ùra

‘S toil leam faclan ùra ionnsachadh ann an Gàidhlig a cheart cho math ri Beurla. Bidh mi daonnan a' dèanamh liostan fhaclan inntinneach is an uairsin feuchaidh mi ri 'n cleachadh. Thachair gun d'fhuair mi facal ùr math math o chionn greis. Obh mo chreach. Abair facal snog! ‘S toil leam an fhuaim dhe, is ‘s toil an cruth dhe, fiù ‘s ged nach toil leam an rud a tha e a' ciallachadh. Dè tha am facal iongantach seo? Uill, seo e: hù-pàp. Chan eil e nam fhaclair, ach a rèir mo charaid a thug mi e, tha e a' ciallachadh seòrsa de ùpraid, ‘s dòcha ùpraid dhona. Hù-pàp.

Tha faclan eile le cèill co-cheangailte, mar eisimpleir, hòrò-gheallaidh is hù-bhitheil is bùrach is cuideachd rù-rà, an frith-aimn aig mo charaid à Muile. ‘S i Ru-ra an tè a theagaisg "bùrach" dhomh. Thuirt Ru-ra ged a tha ‘s e facal Gàidhlig a th'ann, bidh pàrantan Muileach 'ga chleachadh fiù ‘s ann an còmhraidhean Beurla. Bidh iad uaireanan ag ràdh dhan chloinne aca, "Go and tidy your room; it's in a right bùrach!" ‘S truagh a tha mo chuid chloinne air fàs suas is chan urrainn dhomh am facal seo a chleachadh leotha a-nis.

Bàtaichean-aiseig

Feumaidh mi dhol dhan Òban (air tìr-mòr) a-màireach airson coinneimh. Bidh a’ choinneamh aig 7.30 f agus crìochnachaidh i mu 9.30 f, ach cha bhi aiseagan air an oidhche. Feumaidh mi breith air a’ bhàt-aiseag mu dheireadh agus tilleadh air a’ cheud bhàt-aiseag an ath latha. ‘S ann naoi uairean dheug a bhios mi air falbh airson coinneimh dà uair-a-thìde! Bu toil leam gu mòr aiseagan tron oidhche.